Lisa MacDonald: Saorsa
Air a slighe dhachaidh sa chàr smaoinich i a-rithist air an latha a bh’ air a bhith aice. Bho bhith a’ dùsgadh tràth, a’ biathadh nam beathaichean san dorchadas, a’ lìonadh flasg le cofaidh on nach biodh àite sam bith fosgailte mus ruigeadh i am baile mòr, a’ cur oirre an dreasa sgiobalta dhubh - bha i airson a bhith deiseil. Latha mòr a bh’ ann, a bh’ air a bhith air fàire fad bhliadhnaichean troma. Mu dheireadh thall, agus i na suidhe san taigh-cùirte chruaidh ùr ud, an tè-lagha ri a taobh agus e-fhèin na h-aghaidh, gheibheadh i an cothrom innse dhaibh uile mar a thachair.
Bha sneachda ri taobh an rathaid, agus bha na fèidh a’ cagnadh a’ chonaisg sna dìogan, ’s iad air tighinn a-nuas às na beanntan leis an fhuachd. Chuir e an t-iongnadh oirre cho teann ’s a bha a guailnean fhathast, agus cho luath agus cho dorcha ’s a bha buille a cridhe, na guthan uile a’ brùchdadh na ceann gus nach robh ann ach mac-talla èiginneach grannda. Phriob i a sùilean gus na h-ìomhaidhean a chur aiste, agus gun fhiosta dhi ghlac a’ chuibhle as fhaisge cnap beag deighe. Dh’fhàs na diogan mar shiorraidheachd mus deach aice air an càr a chur ceart agus a dhìreadh a-steach gu àite-seachnaidh. Chrùb i a ceann chun na cuibhle-stiùiridh agus leig i anail.
[…]
Preorder the paperback!
In June 2025, Tâigael: Stories from Taiwanese and Gaelic will be published in handsome paperback edition. Four stories by four writers in four languages! Pre-order by May 1st 2025 to get your name listed as one of our supporters in the book!