Kiú-kiong:〈4:44:44〉

Translated by Lisa MacDonald

Dh’fhosgail mi am fòn agam sa charbad MRT. Bha e ceathrad ’s a ceithir mionaidean an dèidh ceithir uairean feasgar.

Dhùisg mi gu h-obann agus thug mi sùil air a’ ghleoc. B’ e ceithread ’s a ceithir mionaidean agus ceithread ’s a ceithir diogan an dèidh ceithir uairean a sheall e. Ma chì thu àireamhan mar seo ’s e àireamhan ainglean a chanar riutha, agus tha iad a’ ciallachadh gu bheil na nèamhan airson teachdaireachd a chur thugad. B’ e manadh a bh’ ann, ach cha do thuig mi càil aig an àm sin. Cha do thuig mi carson a bha mi air dùsgadh ann an dubh na h-oidhche. Loidhne phriobach de dh’àireamhan a ceithir, mo shùilean cho sglèothach, ’s gann gun deach agam air an leughadh. Bha coltas annasach air a h-uile rud. Tè mu seach, ghabh na h-àireamhan riochd sgeinean.

Dh’fhaodadh tu a ràdh, nuair a bhios sinn a’ tuiteam nan cadal, gu bheil e mar gun deidheadh ar pasgadh ann am builgean mòr, air ar bogadh ann an saoghal gun ghrunnd de bhruadairean oidhche, ciùin agus sèimh. Agus nuair a dhùisgeas sinn, tha e mar gun deach am builgean a spreadheadh le sgian mhòr, gar sadail air-ais gu fìorachd.

Chaidh mi dhan taigh bheag agus aon chas fhathast a’ gabhail cheumannan socair tron bhruadair. Bha taidhlean an làir a’ luasgadh fodham mar dhrochaid bambù, agus b’ ann an uair sin a dhùisg mi gu ceart. Shuidh mi gus dileag a dhèanamh feuch an deidheadh agam air cadal an dèidh sin.

Cha robh na speuran fhathast soilleir. Cha do chòrd e rium idir a bhith a’ dùsgadh air an oidhche agus a’ milleadh cadal math. Bha mi an-àird fada ro thràth a-nis, agus cha deidheadh agam air a dhol a chadal a-rithist.

[…]

Tâi-gí | 中文 | English

Preorder the paperback!

In June 2025, Tâigael: Stories from Taiwanese and Gaelic will be published in handsome paperback edition. Four stories by four writers in four languages! Pre-order by May 1st 2025 to get your name listed as one of our supporters in the book!

Pre-order now!

Image description